Tip:
Highlight text to annotate it
X
B' fhìor thoigh leamsa a bhith anns an arm. 'S e bha mi ag iarraidh a dhèanamh riamh - bha mi ag iarraidh seirbheis a thoirt dhan Bhanrigh agus dhan dùthaich agam.
Chaidh mi an sàs ann an cogadh airson a' chiad turas ann an 1999. Cha robh e coltach ris mar a bha dùil agam a bhiodh e idir.
Bha bàs mun cuairt oirnn gu math tric. Faisg air deireadh ar cuairt an sin
bha ùpraid mu 100 meatair mu ar coinneamh agus bha balach, a bha mu 13 bliadhna a dh'aois,
a' cluich ball-coise, agus gun fhiost' dha, bha e air seasamh air mèin talmhainn. Bha a chorp air a sgrios.
Cha robh mise ach 19 agus cha robh fhios agam buileach dè dhèanainn.
Chan fhaigh thu deisealachadh sam bith airson sin. Chan eil annad ach aon duine agus cha robh gnothach aig a' bhalach ud ris na thachair.
Dh'fhàg mi an t-arm ann an 2005, air an 26mh dhen Damhair. B' e àm gu math duilich a bha ann.
Cha robh gnothaichean mar a bha dùil agam a bhiodh iad agus cha robh mòran airgid againn.
Cha robh mi math air an t-airgead a roinn bhon nach robh agam ri bhith a' pàigheadh mòran co-cheangailte ris an taigh roimhe sin.
B' e saighdear a bh' annam, agus cha robh rudan mar sin a' cur dragh orm, agus chaidh gnothaichean bhuaithe an dèidh sin.
Thànaig rud ris an canar PTSD orm, tinneas a nochdas an dèidh dhut a dhol tro uallach èiginneach.
Tha mise dhen bheachd gu bheil ceangal eadar sin agus rudan a chunnaic mi 's mi nam bhalach.
Cha robh fhios agam ciamar a bhruidhninn mu dhèidhinn. Cha robh fhios agam ciamar a mhìnichinn an t-uallach inntinn
a bha orm agus thàinig e am follais ann an droch dhòighean. Thàinig e am follais mar uallach, fearg agus eagal.
Cha b' e deagh chèile a bh' annam. Bha fìor fheum agam air cuideachadh agus cha robh fhios agam càite an rachainn.
Bha taigh againn air màl gus an deach ar cur às a sin, thug a' chomhairle dhuinn
dachaigh anns an eadar-ama agus leis nach robh ann ach taigh anns an eadar-ama,
cha robh taigh ann a bha freagarrach dhuinn, agus bha sinn a' fo chunnart a bhith air an t-sràid a-rithist.
Bha mi caran pròiseil agus cha robh mi a' sireadh taic mar bu chòir agus mar sin
chuidich a' bhean agam mi agus dh'fhòn ise gu Poppyscotland às mo leth.
Chan eil fhios agam dè bhiodh air tachairt dhuinn mura biodh Liondsaidh air fònadh.
Bha iad uamhasach luath le bhith a' fònadh thugainn a-rithist. Dh'fhaodamaid brath a chur thuca uair sam bith.
Bha iad daonnan air am fòn, a' bruidhinn, a' dèanamh cinnteach gun robh sinn math gu leòr
agus mhìnich iad gu soilleir ciamar a b' urrainn dhaibh ar cuideachadh agus cuideachd gun robh iad ag iarraidh ar cuideachadh.
Chuir iad air dòigh taic ionmhais gu math luath. Bha còrr is £1000 ann, suim mhòr dhuinne.
Bha e na chuideachadh mòr mòr. Tha e air cothrom a thoirt dhuinn tilleadh chun na slighe cheart.
Gu dearbh, tha mise air cùrsa a dhèanamh agus tha mi air obair fhaighinn a-nis.
Tha togail air tighinn air gnothaichean.
Chuidich Poppyscotland mise gu pearsanta ach air sgàth sin, chuidich iad mo mhnaoi agus mo chuid cloinne,
chuidich iad mi gus beatha nas fheàrr a bhith agam, le cothroman nas fheàrr, agus le suidheachadh ionmhais nas fheàrr.
Chuidhich iad mi gus earbsa a bhith agam annam fhìn a-rithist. Chuidich iad mi gus cuimhneachadh
cò ris a bha mi coltach aguschuidich iad mi gus adhartas a dhèanamh.